Bidh an ath choinneamh aig Club Leabhraichean Ghlaschu a’ gabhail àite air Diciadain 7 Dàmhair 2009 aig 6.30f nuair a thèid bruidhinn air a’ chiad cruinneachadh de sgeulachdan goirid le Alison Lang – Cainnt na Caileige Caillte. Tha am buidheann a’ coinneachadh ann am Biblocafe aig 262 Rathad Woodlands, faisg air taigh-seinnse Uisge Beatha (faic an làrach-lìn aca airson stiùireadh gu far a bheil iad www.biblocafe.co.uk ).
Gheibh buill a’ Chlub lasachadh prìse luach 25% far gach leabhar Gàidhlig air an liosta leughaidh againn ma thèid a cheannach ann am bùth Chomhairle nan Leabhraichean. Mar sin, feuch gun ainmich thu gu bheil thu nad bhall nuair a thig e gu àm pàighidh. Bidh fàilte ron a h-uile duine fiù ’s ged nach robh thu aig coinneamh roimhe – ma tha ùidh agad ann an litreachas, tiugainn còmhla rinn.